A’ leasachadh inbhe àrainneachd uisge Alba

Plana-riaghlaidh sgìre na Gàidhealtachd an Iar

2010–2015

A’ cur ri plana-riaghlaidh nan srathan aibhne airson sgìre srathan aibhne Alba 

Geàrr-chunntas gnìomhach

’S e amas a’ phlana seo inbhe àrainneachd an uisge ann an sgìre buidheann comhairleachaidh na Gàidhealtachd an Iar a ghleidheadh agus a leasachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach sgìrean nan Eilean Siar, An t-Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Beaga, cladaichean taobh an iar tìr-mòr Alba, bhon Pharbh gu Àird nam Murchan, a thuilleadh air na h-uisgeachan mun chladach agus mu bheul aibhnichean timcheall orra. Tha am plana seo a’ dol an cois plana riaghlaidh nan srathan aibhne airson sgìre srathan aibhne Alba[1], agus cuidichidh e gu bhith a’ lìbhrigeadh iarrtasan Stiùireadh Frèam-obrach an Uisge. Tha e a’ bualadh air gnìomhachdan sgìre na Gàidhealtachd an Iar agus tha e a’ sealltainn nan cothroman airson obair chom-pàirteachail airson a bhith cinnteach gun cùm sinn uile oirnn a’ faighinn buannachd bho leasachadh agus bho dhìon àrainneachd an uisge. 

Chaidh am plana a seo a chur ri chèile còmhla ri Buidheann Comhairleachaidh Sgìre na Gàidhealtachd an Iar. Bheir na gnìomhachdan a tha a’ nochdadh an seo buannachdan cudromach dha na cùisean cudromach eaconamach san sgìre agus dha gach làrach chomharraichte a th’ innte.

Ann an 2008, bha 92% de bhuidhnean uisge na Gàidhealtachd an Iar air an comharrachadh fo Stiùireadh Frèam-obrach an Uisge aig deagh inbhe no àrd inbhe a thaobh eag-eòlais agus comais. Tha am plana seo ag amas air an àrd inbhe eag-eòlais seo a ghleidheadh agus tuilleadh leasachaidh a thoirt air buidhnean uisge nach eil an-dràsta aig deagh ìre eag-eòlais. Tha na targaidean a tha san amharc airson leasachadh suas gu 2027 ann an Clàr 1. Tha dùbhlan sna targaidean seo agus cha ghabh an coileanadh ach le Buidheann Comhairleachaidh na Gàidhealtachd an Iar a bhith ag obrachadh còmhla ri com-pàirtichean eile san sgìre.

Clàr 1: Staid nan uisgeachan tro chuairtean planaidh nan srathan aibhne ann an sgìre na Gàidhealtachd an Iar 

 

2008

2015

2021

2027

% aig deagh inbhe no àrd inbhe a thaobh eag-eòlais agus comais

92%

93%

94%

99%

Is iad na h-amasan as cudromaiche de phlana stiùiridh sgìre na Gàidhealtachd an Iar:

  • idh cruthachadh cumhachd uisge agus solarachadh-uisge poblach air na tha de dh’uisge ga thoirt à aibhnichean agus lochan a lùghdachadh:
  • buaidh cruthachadh cumhachd uisge agus solarachadh-uisge poblach air riaghladh sruthaidh agus atharrachadh ann an sruthadh nàdarra ann an aibhnichean agus lochan a lùghdachadh; 
  • an àireamh sgìrean uisge air an ruig iasg imrich a chur am meud agus ùrachadh a dhèanamh air uisgeachan far an deach an grunnd no na bruaichean aca atharrachadh gu fiosaigeach (me le cruthachadh cumhachd dealain, àiteachas uisge, còmhdhail rathaid, solar-uisge poblach, tuathanachas, iasgach malairteach agus innleadaireachd eachdraidheil);
  • a’ bhuaidh aig leasachadh mathachaidh bho gach seòrsa truaillidh air sgàth bheathaichean, tuathanachas measgaichte agus cur às de dh’òtrachas;
  • a’ bhuaidh aig truailleadh bho ionad àiteachas uisge a lùghdachadh;
  • làthaireachd agus cunnart bho bhith a’ toirt a-steach ghnèathan sgaoilteach neo-dhùthchasach a riaghladh;
  • na h-adhbharan airson inbhe mì-fhàbharrach nan sgìrean a tha air an dìon airson feusgain neamhnaid ann am fìor-uisge a rannsachadh agus dòighean riaghlaidh iomchaidh a stèidheachadh;
  • obrachadh còmhla airson a bhith cinnteach nach tèid càileachd àrainneachd uisge sgìre na Gàidhealtachd an Iar a mhilleadh air dhòigh sam bith.

’S e talamh garbh le beanntan as motha a th’ ann an sgìre na Gàidhealtachd an Iar, le sàl agus fìor-uisge gu leòr, a thug buaidh air tuineachadh agus air obair dhaoine. Am measg nan gnìomhachdan eaconamach a tha a’ cumail suas nan coimhearsnachdan lag, iomallach seo tha turasachd, àrach bhradan ann an cèidsichean sa mhuir agus ann am fìor-uisge, àrach maoraich agus cruthachadh lùth ath-nuadhachail. Airson planadh cleachdadh seasmhach uisge san sgìre seo, feumar beachdachadh air feumalachdan nan coimhearsnachdan seo aig àm nuair a tha iad fo chuideam mòr eaconamach ach, aig an aon àm,  bacadh a chur air milleadh na h-àrainneachd air a bheil iad an crochadh agus, far a bheil sin iomchaidh, ga leasachadh.  

Airson leasachadh a dhèanamh, agus airson a bhith cinnteach nach tig milleadh sam bith, bidh feum air co-obrachadh iomadh com-pàirtiche. Nì Buidheann Comhairleachaidh na Sgìre cinnteach gun stèidhichear lìonraidhean iomchaidh agus gum bi an luchd-com-pàirteachaidh gu lèir an sàs sa phròiseas seo. Bidh am buidheann cuideachd a’ cumail sùil air adhartas ghnìomhachdan agus leasachaidhean agus an uair sin comharraichidh iad far a bheil feum air gnìomhachdan ùra. 

Tha iomradh ann am plana riaghlaidh nan srathan aibhne airson sgìre srathan aibhne Alba, agus na h-ochd planaichean-riaghlaidh sgìreil a bharrachd, air mar a tha sinn a’ dol a riaghladh, a leasachadh agus a dhìon ar n-uisgeachan thar nan sia bliadhna a tha romhainn. Ruithidh am plana-riaghlaidh sgìreil seo eadar 2010 agus 2015. Thèid ath-sgrùdadh an uair sin agus tòisichidh an ath chuairt planaidh airson sia bliadhna eile. 


  1. Chithear na planaichean slàn airson stiùireadh srathan aibhne airson Alba agus sgìre srathan aibhne Uisge Thuaidh air làrach-lìn SEPA aig: www.sepa.org.uk/water/river_basin_planning.aspx